Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Còmhradh air cuspair sam bith ceangailte ri leabhraichean agus litreachas na Gàidhlig

General conversation on any subject related to Gaelic books and literature
User avatar
gaelicbooks
Site Admin
Posts: 7
Joined: Tue Sep 12, 2017 6:06 pm

Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Postby gaelicbooks » Tue Feb 27, 2018 3:12 pm

Dè an leabhar Gàidhlig a tha thu a' leughadh an-dràsta?
A' comharrachadh 50 bliadhna de thaic airson litreachas na Gàidhlig / Celebrating 50 years of support for Gaelic literature
ShelaghC
Posts: 1
Joined: Fri Feb 02, 2018 3:09 pm

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Postby ShelaghC » Thu Mar 01, 2018 1:34 pm

Tha mise dìreach a’ tòiseachadh air ‘Cailèideascop’ le Daibhidh Eyre – tha mi air a bhith airson a leughadh airson greis a-nis leis gu bheil an cuspair a’ coimhead gu math inntinneach. An do leugh duine sam bith eile an leabhar seo fhathast?
Oifigear Reic is Margaideachd aig Comhairle nan Leabhraichean / Sales and Marketing Officer at the Gaelic Books Council
Susan
Posts: 1
Joined: Mon Mar 12, 2018 9:48 am

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Postby Susan » Mon Mar 12, 2018 10:55 am

Cha do leugh mi an leabhar seo fhathast, ach leugh mi 'Glainne' le Daibhidh Eyre. Chòrd e rium gu mòr!
User avatar
Lleu
Posts: 7
Joined: Sun Mar 11, 2018 8:13 pm

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Postby Lleu » Mon Mar 12, 2018 2:43 pm

ShelaghC wrote:
Thu Mar 01, 2018 1:34 pm
Tha mise dìreach a’ tòiseachadh air ‘Cailèideascop’ le Daibhidh Eyre – tha mi air a bhith airson a leughadh airson greis a-nis leis gu bheil an cuspair a’ coimhead gu math inntinneach. An do leugh duine sam bith eile an leabhar seo fhathast?
cha do leugh mi fhathast e ach tha lethbhreac agam agus tha mi ’n dùil ri bhith ga leughadh sa Ghiblean (mura h-ann nas tràithe) agus an dòchas mar sin gun nochd e san tràchdas agam aig a’ cheann thall.
“Àigich gun ghiamh
led shlios mòr liath,
a’ chridhe euchdaich
le èifeachd sgiath:
mo ghaol do leumraich,
mo ghaol do shèitrich,
b’ ait leam t’ èibhneas
bu bheucail fiamh.”
Sgaire
Posts: 1
Joined: Sun Mar 11, 2018 9:17 pm

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Postby Sgaire » Mon Mar 12, 2018 6:47 pm

Cha do leugh neo mise, ach leugh mi tuairisgeul an leabhair agus bha e fhèin gu math inntinneach.

An dràsta tha mi a' leughadh Steall à Iomadh Lòn le Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain. Tha mi uabhasach trang leis gu bheil mi a' teannadh ri deireadh a' chèim agam, agus mar sin tha mi a' dol troimhe gu slaodach, ach co-dhiù tha e a' còrdadh rium glan. 'S toigh leam gu mòr stoidhle chòmhraidheach an sgrìobhaidh, agus mar a bhios e ag innse naidheachdan beaga èibhinn eadar dà sheanchas, mar gum b' eadh.
Is dubhar thu ri teas, is seagair thu ri fuachd,
is sùilean thu dhan dall, is crann dhan deòraidh thruagh,
is eilean thu air muir, is cuiseal thu air tìr,
is fuaran thu am fàsach, is slàint dhan tì tha tinn.
Fearchar
Posts: 2
Joined: Fri Mar 09, 2018 7:18 pm

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Postby Fearchar » Thu Mar 15, 2018 7:42 pm

gaelicbooks wrote:
Tue Feb 27, 2018 3:12 pm
Dè an leabhar Gàidhlig a tha thu a' leughadh an-dràsta?
Tha mi a' leughadh An Taigh-Samhraidh le Aonghas Padraig Caimbeul a-nis. Nam beachdsa tha e beagan mar ugh churaid. 'S fhèarr leum Fuaran Ceann an t-Saoghail. Leugh mi Cailèideascop ach tha Dìoghaltas le Iain F Macleòid an leabhar a mholainn.

Fearchar
Marine
Posts: 3
Joined: Thu Mar 29, 2018 4:05 pm

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Postby Marine » Tue Apr 17, 2018 7:34 pm

’S ann « Saorsa » (Clàr, 2011) an leabhar a tha mi a’ leughadh an-dràsta. ’S e deagh mheasgachadh de sgeulachdan goirid a th’ ann, le iomadh ùghdar is cuspairean eadar-dhealaichte ann.
Do dhaoine a leugh Cailèideascop agus Dìoghaltas : nur beachd, dè am fear a bha nas fhasa a thaobh nam faclan a tha air an cleachdadh ?
User avatar
Lleu
Posts: 7
Joined: Sun Mar 11, 2018 8:13 pm

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Postby Lleu » Thu May 24, 2018 4:30 pm

tha mi dìreach air tòiseachadh a’ leughadh Cailèideascop an-diugh, mu dheireadh thall — tha e a’ còrdadh rium, mar a bha mi an dùil, gu mòr, mòr gu ruige seo; tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn dè thachras anns a’ chorr dhen sgeulachd!
“Àigich gun ghiamh
led shlios mòr liath,
a’ chridhe euchdaich
le èifeachd sgiath:
mo ghaol do leumraich,
mo ghaol do shèitrich,
b’ ait leam t’ èibhneas
bu bheucail fiamh.”
Marine
Posts: 3
Joined: Thu Mar 29, 2018 4:05 pm

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Postby Marine » Tue Aug 14, 2018 8:10 am

An do chuir thu crìoch air Cailèideascop, Lleu? An do chòrd an sgeulachd riut?
Tha mi dìreach air tòiseachadh air Mil san tì (le Seonag Monk) a leughadh an-dràsta. Tha e air a bhith gu math eibhinn gu ruige seo !
User avatar
Lleu
Posts: 7
Joined: Sun Mar 11, 2018 8:13 pm

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Postby Lleu » Tue Aug 14, 2018 2:09 pm

Marine wrote:
Tue Aug 14, 2018 8:10 am
An do chuir thu crìoch air Cailèideascop, Lleu? An do chòrd an sgeulachd riut?
Tha mi dìreach air tòiseachadh air Mil san tì (le Seonag Monk) a leughadh an-dràsta. Tha e air a bhith gu math eibhinn gu ruige seo !
chuir, agus chòrd e rium gu mòr, mòr! tè dhe na nobhailean saidheans-ficsein as motha a chòrd rium ann an cànan sam bith.
“Àigich gun ghiamh
led shlios mòr liath,
a’ chridhe euchdaich
le èifeachd sgiath:
mo ghaol do leumraich,
mo ghaol do shèitrich,
b’ ait leam t’ èibhneas
bu bheucail fiamh.”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest