ficsean-gnè do dh’inbhich

Àite airson leabhraichean Gàidhlig a mholadh do leughadairean eile.

A place to recommend Gaelic books to other readers.
User avatar
Lleu
Posts: 7
Joined: Sun Mar 11, 2018 8:13 pm

ficsean-gnè do dh’inbhich

Postby Lleu » Mon Mar 12, 2018 7:33 pm

bha cuideigin a’ faighneachd dhìom bho chionn greis dè seòrsa ficsean-gnè (.i., genre fiction) a bha ri fhaighinn sa Ghàidhlig, agus shaoil mi gur dòcha gum biodh e freagarrach liosta leabhraichean ficsein-ghnè (gu sònraichte) a chur an cèill airson leughadairean nach eil eòlach fhathast air raon litreachas na Gàidhlig. mar sin, seo liosta de leabhraichean do dh’inbhich (bhiodh liosta de leabhraichean cloinne no leabhraichean do dh’inbhich òga nas fhaide; ’s dòcha gum feuch mi ri siud a chruthachadh uaireigin, ach chan ann an-dràsta).

(basically: this is a list of genre fiction for adults in Gaelic by genre.)

mus tòisich mi, ge-tà, bu chòir dhomh aideachadh nach do leugh mi (fhathast!) a h-uile leabhar air an liosta seo. airson na feadhna nach do leugh mi, bidh mi a’ coimhead air blurbs, mar as trice, no uaireannan air na mìneachaidhean a bheir Moray Watson orra ann an An Introduction to Gaelic Fiction. ma leugh thusa leabhar air choreigin nach eil a’ nochdadh air an liosta seo agus a bu chòir, no leabhar a chuir mi san raon cheàrr, cuir fios thugam agus cuiridh mi e far am bu chòir dha bhith.

co-dhiù, an liosta.

àbhachdas/aoir (.i., comedy/satire)
  • Chaimbeul, Catrìona Lexy: Nigheanan Mòra (Sandstone Press, Lasag, 2014, 76 duilleagan)
  • NicDhòmhnaill, Màiri Anna: Cleas Sgàthain (CLÀR, Ùr-sgeul, 2008, 174 duilleagan)
  • MacGill-Eain, Tormod: Cùmhnantan (Clò Loch Abair, 1996, 127 duilleagan)
  • MacGill-Eain, Tormod: Dacha Mo Ghaoil (CLÀR, Ùr-sgeul, 2005, 124 duilleagan)
  • MacGill-Eain, Tormod: Slaightearan (CLÀR, Ùr-sgeul, 2008, 125 duilleagan)
  • NicLeòid, Maureen: Banais na Bliadhna (Sandstone Press, Lasag, 2016, 74 duilleagan)
  • Monk, Seonag: Mil san Tì? (Acair, Aiteal, 2016, 220 duilleagan)
dìomhaireachd/gaoir-sgeul (.i., mystery/thriller)
  • Armstrong, Tim: Feur Buidhe an t-Samhraidh (Sandstone Press, Lasag, 2014, 73 duilleagan)
  • Caimbeul, Maoilios: Teas (CLÀR, Ùr-sgeul, 2010, 124 duilleagan)
  • Caimbeul, Tormod: Shrapnel (CLÀR, Ùr-sgeul, 2006, 175 duilleagan)
  • Charity, Seonaidh: An Làmh a Bheir (Sandstone Press, Lasag, 2016, 71 duilleagan)
  • MacÌomhair, Dòmhnall Iain: Cò Rinn E? (Gairm, 1993, 92 duilleagan)
  • Mac a’ Ghobhainn, Iain: Na Speuclairean Dubha (Gairm, 1989, 59 duilleagan)
  • MacLeòid, Calum: A’ Togail an t-Srùbain (CLÀR, 2017, 204 duilleagan)
  • MacLeòid, Iain: An Sgàile Dhorcha (Gairm, 1992, 86 duilleagan)
  • MacLeòid, Iain: Spuirean na h-Iolaire (Gairm, 1989, 76 duilleagan)
  • MacLeòid, Iain F.: Dìoghaltas (Acair, 2017, 158 duilleagan)
  • NicLeòid, Màiri E.: An Nathair le Dà Shùil Dhearg (Acair, 2018, 210 duilleagan)
  • Mac an t-Saoir, Màrtainn: Air A Thòir (CLÀR, Ùr-sgeul, 2011, 360 duilleagan)
  • Mac an t-Saoir, Màrtainn: Tuath air a’ Bhealach (Sandstone Press, Lasag, 2015, 88 duilleagan)
  • Rankin, Iain (eadar-theang. le Tormod MacGill-Eain): Taghadh de Sgeulachdan Inspeactair Rebus (Grace Note, 2014, 201 duilleagan)
fantasachd (.i., fantasy)
fìorachas draoidheil (.i., magical realism) agus “am fantasach” (.i., the fantastic san t-seagh inntinn-eòlach/structaralach aig Freud no Todorov) na broinn.
  • Caimbeul, Aonghas Pàdraig: Tilleadh Dhachaigh (CLÀR, Ùr-sgeul, 2009, 119 duilleagan)
  • Caroll, Lewis (eadar-theang. le Moray Watson): Eachdraidh Ealasaid ann an Tìr nan Iongantas (Evertype, 2012, 141 duilleagan)
  • Lindsay, Coinneach: A’ Choille Fhiadhaich (Sandstone Press, Lasag, 2017, 80 duilleagan)
  • MacLeòid, Fionnlagh: Gormshuil an Rìgh (CLÀR, Ùr-sgeul, 2010, 153 duilleagan)
  • MacLeòid, Iain F.: An Sgoil Dhubh (Acair, Aiteal, 2014, 190 duilleagan)
  • NicLeòid, Màiri E.: Saoghal Eile (Sandstone Press, Lasag, 2017, 74 duilleagan)
  • MacRuairidh, Iain (eadar-theang.): Sgeulachdan Aràbianach (Akerbeltz, 2017, 703 duilleagan)
ficsean eachdraidheal (.i., historical fiction)
  • Dòmhnallach, Tormod: Creach Mhór nam Fiadh (Gasaet Steòrnabhaigh, 1973, 80 duilleagan)
  • Dunn, Anndra A.: Còisir nan Gunna (Acair, Aiteal, 2013, 224 duilleagan)
  • Klevenhaus, Mìcheal: An Uinneag don Iar (Sandstone Press, Lasag, 2016, 90 duilleagan)
  • MacCormaic, Iain: Dùn Àluinn: An t-Oighre ’na Dhìobharach (Llanerch Press agus Clò Charraig, 2003 [1912], 267 duilleagan)
  • MacCormaic, Iain: Gu ’n d’ thug i spéis do’n àrmunn (Aonghas MacAoidh, 1908, 117 duilleagan)
  • MacDhonnchaidh, Aonghas: An t-Ogha Mór (Clò Volturna & Marsland, 1980 [1919], 229 duilleagan)
  • MacIlleathain, Ruairidh: An Creanaiche (Sandstone Press, Lasag, 2015, 84 duilleagan)
  • MacLean, Iain: Cogadh Ruairidh (Sandstone Press, 2009, 90 duilleagan)
  • MacLeòid, Iain F.: Am Bounty (CLÀR, Ùr-sgeul, 2008, 204 duilleagan)
  • MacLeòid, Iain F.: Na Klondykers (CLÀR, Ùr-sgeul, 2005, 285 duilleagan)
  • MacMhaoilein, Calum: A’ Sireadh an Sgadain (Gairm, 1990, 90 duilleagan)
  • MacMhaoilein, Calum: Seonaidh Mòr (Gairm, 1993, 57 duilleagan)
  • MacMhathain, Uilleam Aonghas: Litrichean às an Eadailt (Acair, 2016, 151 duilleagan)
  • Shaw, Jeffrey: Ann an Dùthaich Ùr (CLÀR, 2002, 169 duilleagan)
ficsean saidheansail/saidheans-ficsean (.i., science fiction)
  • Armstrong, Tim: Air Cuan Dubh Drilseach (CLÀR, 2013, 223 duilleagan)
  • Caimbeul, Aonghas Pàdraig: Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là (CLÀR, Ùr-sgeul, 2004, 238 duilleagan)
  • Eyre, Daibhidh: Cailèideascop (Luath, 2017, 153 duilleagan)
  • MacLeòid, Iain F.: An Taistealach (Sandstone Press, Lasag, 2017, 67 duilleagan)
mar a thuirt mi, ma tha molaidhean eile agad a thaobh ficsein-ghnè, no ma chuir mi rudeigin san àite cheàrr, leig fios dhomh agus bidh mi toilichte an cur ris an liosta seo.
“Àigich gun ghiamh
led shlios mòr liath,
a’ chridhe euchdaich
le èifeachd sgiath:
mo ghaol do leumraich,
mo ghaol do shèitrich,
b’ ait leam t’ èibhneas
bu bheucail fiamh.”
User avatar
gaelicbooks
Site Admin
Posts: 7
Joined: Tue Sep 12, 2017 6:06 pm

Re: ficsean-gnè do dh’inbhich

Postby gaelicbooks » Tue Mar 13, 2018 8:31 pm

Wow! Liosta sgoinneil a tha seo! Bidh seo gu math cuideachail
A' comharrachadh 50 bliadhna de thaic airson litreachas na Gàidhlig / Celebrating 50 years of support for Gaelic literature
User avatar
Lleu
Posts: 7
Joined: Sun Mar 11, 2018 8:13 pm

Re: ficsean-gnè do dh’inbhich

Postby Lleu » Tue Mar 13, 2018 9:52 pm

gaelicbooks wrote:
Tue Mar 13, 2018 8:31 pm
Wow! Liosta sgoinneil a tha seo! Bidh seo gu math cuideachail
tha mi ’n dòchas gum bi! tha mi dìreach air mothachadh gun do dhìochuimhnich mi gun robh leabhraichean sa bhùth agaibhse air an roinn a rèir gnè cuideachd, mar sin cuiridh mi ris an liosta feadhainn air nach robh mi cinnteach no air nach robh mi eòlach!
“Àigich gun ghiamh
led shlios mòr liath,
a’ chridhe euchdaich
le èifeachd sgiath:
mo ghaol do leumraich,
mo ghaol do shèitrich,
b’ ait leam t’ èibhneas
bu bheucail fiamh.”
Alison
Posts: 1
Joined: Wed Mar 28, 2018 5:48 pm

Re: ficsean-gnè do dh’inbhich

Postby Alison » Thu May 10, 2018 5:26 pm

Tha e inntinneach na leabhraichean seo a roinn a rèir gnè. Tha e annasach, ge-tà, gu bheileas uaireannan a' cur "genre fiction" sa Bheurla ann an suarachas, an taca ri "literary fiction" - co-dhùnadh a tha tric co-cheangailte barrachd leis an ùghdar agus dè sgrìobh iad roimhe na leis an leabhar fhèin. Bhithinn air a ràdh gur e "litreachas" a bha sa chuid as motha de na leabhraichean againn sa Ghàidhlig, ach tha sinn a' faicinn barrachd is barrachd a ghabhadh a chomharrachadh mar "genre fiction" a-nis, agus chan e droch rud a th' ann idir.
User avatar
Lleu
Posts: 7
Joined: Sun Mar 11, 2018 8:13 pm

Re: ficsean-gnè do dh’inbhich

Postby Lleu » Sun May 20, 2018 7:40 pm

Alison wrote:
Thu May 10, 2018 5:26 pm
Tha e inntinneach na leabhraichean seo a roinn a rèir gnè. Tha e annasach, ge-tà, gu bheileas uaireannan a' cur "genre fiction" sa Bheurla ann an suarachas, an taca ri "literary fiction" - co-dhùnadh a tha tric co-cheangailte barrachd leis an ùghdar agus dè sgrìobh iad roimhe na leis an leabhar fhèin. Bhithinn air a ràdh gur e "litreachas" a bha sa chuid as motha de na leabhraichean againn sa Ghàidhlig, ach tha sinn a' faicinn barrachd is barrachd a ghabhadh a chomharrachadh mar "genre fiction" a-nis, agus chan e droch rud a th' ann idir.
chan e idir — tha mi uabhasach toilichte gu bheil barrachd ficsean-gnè a’ nochdadh sna làithean seo. nam bheachd-sa, ma tha sinn airson ’s gum bi daoine a’ leughadh sa Ghàidhlig, feumaidh barrachd dhen stuth a bhios daoine a’ leughadh an da-rìribh a bhith ri fhaighinn — ’s e sin, gu ìre mhòr, ficsean-gnè.

tha mi air an sgeulachd seo innse iomadh turas ach bidh mi an-còmhnaidh a’ tilleadh gu còmhraidhean a bh’ agam ri balach agus nighean (aig an robh Gàidhlig) ann an Steòrnabhagh nuair a bha mi aig Acair airson mo ghneise ghnìomhachais, far an do dh’fhaighnich iad dhìom an robh molaidhean-leabhair agam. dh’fhaighnich mise, mar sin, dè bhiodh iad a’ leughadh sa Bheurla, agus dh’ainmich iad taghadh de dh’fhicsean-gnè. ach dè b’ urrainnear a mholadh do dh’òganach a tha a’ leughadh (m.e.) 1984? chan eil ann a tha coltach ris idir ach ’s dòcha An t-Ionnsachadh Bòidheach le Catrìona Lexy Chaimbeul — leabhraichean a chaidh a sgrìobhadh do dh’òigridh a tha mu 12-13 bliadhna a dh’aois, seach fiù ’s do dheugairean (agus chan ann idir do dh’inbhich).

’s iad na gnèithean/seòrsachan leabhair a tha a dhìth oirnn ach barrachd fantasachd, saidheans-ficsean, dìomhaireachd, gaoir-sgeul, agus leabhraichean do dh’inbhich òga. (agus, pace Moray Watson, theirinnsa, barrachd “chick lit” rin taobh.)

aon rud a chuir iongnadh orm, leis cho fèillmhor ’s a tha a’ ghnè sa Bheurla, fhad ’s a bha mi a’ dèanamh an liosta seo, b’ e nach deach — cho fad ’s a tha fhios agam — leabhar “romansachd” fhoillseachadh sa Ghàidhlig a-riamh. tha cuid bheag de “chick lit” (roinn-seòrsa nach eil a’ còrdadh rium idir ach sin mar a bhios daoine a’ bruidhinn oirre) ann, ach chan eil fìor bhodice-ripper, mar gum b’ eadh (lol). chan eil mi cinnteach a bheil sin math no dona, ach tha e inntinneach, co-dhiù.

bhiodh e math iomairt-foillseachaidh (sreath ùr leabhraichean no rudeigin dhen leithid) fhaicinn a bhiodh a’ sireadh ficsein-ghnè (ge b’ e dè an seòrsa) gu sònraichte.
“Àigich gun ghiamh
led shlios mòr liath,
a’ chridhe euchdaich
le èifeachd sgiath:
mo ghaol do leumraich,
mo ghaol do shèitrich,
b’ ait leam t’ èibhneas
bu bheucail fiamh.”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest