Page 1 of 1

Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Posted: Tue Feb 27, 2018 3:12 pm
by gaelicbooks
Dè an leabhar Gàidhlig a tha thu a' leughadh an-dràsta?

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Posted: Thu Mar 01, 2018 1:34 pm
by ShelaghC
Tha mise dìreach a’ tòiseachadh air ‘Cailèideascop’ le Daibhidh Eyre – tha mi air a bhith airson a leughadh airson greis a-nis leis gu bheil an cuspair a’ coimhead gu math inntinneach. An do leugh duine sam bith eile an leabhar seo fhathast?

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Posted: Mon Mar 12, 2018 10:55 am
by Susan
Cha do leugh mi an leabhar seo fhathast, ach leugh mi 'Glainne' le Daibhidh Eyre. Chòrd e rium gu mòr!

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Posted: Mon Mar 12, 2018 2:43 pm
by Lleu
ShelaghC wrote:
Thu Mar 01, 2018 1:34 pm
Tha mise dìreach a’ tòiseachadh air ‘Cailèideascop’ le Daibhidh Eyre – tha mi air a bhith airson a leughadh airson greis a-nis leis gu bheil an cuspair a’ coimhead gu math inntinneach. An do leugh duine sam bith eile an leabhar seo fhathast?
cha do leugh mi fhathast e ach tha lethbhreac agam agus tha mi ’n dùil ri bhith ga leughadh sa Ghiblean (mura h-ann nas tràithe) agus an dòchas mar sin gun nochd e san tràchdas agam aig a’ cheann thall.

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Posted: Mon Mar 12, 2018 6:47 pm
by Sgaire
Cha do leugh neo mise, ach leugh mi tuairisgeul an leabhair agus bha e fhèin gu math inntinneach.

An dràsta tha mi a' leughadh Steall à Iomadh Lòn le Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain. Tha mi uabhasach trang leis gu bheil mi a' teannadh ri deireadh a' chèim agam, agus mar sin tha mi a' dol troimhe gu slaodach, ach co-dhiù tha e a' còrdadh rium glan. 'S toigh leam gu mòr stoidhle chòmhraidheach an sgrìobhaidh, agus mar a bhios e ag innse naidheachdan beaga èibhinn eadar dà sheanchas, mar gum b' eadh.

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Posted: Thu Mar 15, 2018 7:42 pm
by Fearchar
gaelicbooks wrote:
Tue Feb 27, 2018 3:12 pm
Dè an leabhar Gàidhlig a tha thu a' leughadh an-dràsta?
Tha mi a' leughadh An Taigh-Samhraidh le Aonghas Padraig Caimbeul a-nis. Nam beachdsa tha e beagan mar ugh churaid. 'S fhèarr leum Fuaran Ceann an t-Saoghail. Leugh mi Cailèideascop ach tha Dìoghaltas le Iain F Macleòid an leabhar a mholainn.

Fearchar

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Posted: Tue Apr 17, 2018 7:34 pm
by Marine
’S ann « Saorsa » (Clàr, 2011) an leabhar a tha mi a’ leughadh an-dràsta. ’S e deagh mheasgachadh de sgeulachdan goirid a th’ ann, le iomadh ùghdar is cuspairean eadar-dhealaichte ann.
Do dhaoine a leugh Cailèideascop agus Dìoghaltas : nur beachd, dè am fear a bha nas fhasa a thaobh nam faclan a tha air an cleachdadh ?

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Posted: Thu May 24, 2018 4:30 pm
by Lleu
tha mi dìreach air tòiseachadh a’ leughadh Cailèideascop an-diugh, mu dheireadh thall — tha e a’ còrdadh rium, mar a bha mi an dùil, gu mòr, mòr gu ruige seo; tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn dè thachras anns a’ chorr dhen sgeulachd!

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Posted: Tue Aug 14, 2018 8:10 am
by Marine
An do chuir thu crìoch air Cailèideascop, Lleu? An do chòrd an sgeulachd riut?
Tha mi dìreach air tòiseachadh air Mil san tì (le Seonag Monk) a leughadh an-dràsta. Tha e air a bhith gu math eibhinn gu ruige seo !

Re: Dè tha thu a' leughadh an-dràsta?

Posted: Tue Aug 14, 2018 2:09 pm
by Lleu
Marine wrote:
Tue Aug 14, 2018 8:10 am
An do chuir thu crìoch air Cailèideascop, Lleu? An do chòrd an sgeulachd riut?
Tha mi dìreach air tòiseachadh air Mil san tì (le Seonag Monk) a leughadh an-dràsta. Tha e air a bhith gu math eibhinn gu ruige seo !
chuir, agus chòrd e rium gu mòr, mòr! tè dhe na nobhailean saidheans-ficsein as motha a chòrd rium ann an cànan sam bith.