Fàilte gu fòram-leughaidh 'Leugh Leam'

User avatar
gaelicbooks
Site Admin
Posts: 7
Joined: Tue Sep 12, 2017 6:06 pm

Fàilte gu fòram-leughaidh 'Leugh Leam'

Postby gaelicbooks » Tue Feb 27, 2018 3:45 pm

Seo fòram airson leughadairean Gàidhlig aig a h-uile ìre, air a chur air dòigh agus air a ruith le Comhairle nan Leabhraichean. Tha sinn airson cothrom a thoirt dhan a h-uile leughadair aig a bheil ùidh ann an leabhraichean Gàidhlig air feadh an t-saoghail a bhith a' còmhradh ri chèile, is a' faighinn beachdan is molaidhean air leabhraichean a chòrdas riutha.

Tha sinn airson 's gum bi am fòram seo fosgailte do leughadairean aig a h-uile ìre, bho luchd-tòisichidh gu fileantaich, is mar sin, tha sinn a' cur fàilte air teachdaireachdan ann an Gàidhlig agus Beurla. Chan eil e gu diofar dè an ìre aig a bheil a’ Ghàidhlig agad - nach feuch thu e co-dhiù!

'S ann leibhse a tha am fòram seo agus tha sinn a' cur luach anns na beachdan agaibh - ma tha rudeigin a bhiodh tu airson fhaicinn air an fhòram, nach cuir thu fios thugainn agus nì sinn ar dìcheall a chur air dòigh!


This is a forum for Gaelic readers at all levels, set up and moderated by the Gaelic Books Council. The aim of the forum is to give all readers with an interest in Gaelic books the opportunity to connect with each others, no matter where they are in the world, and to get ideas and reviews of books they might enjoy.

We want to ensure that the forum is welcoming to readers at all levels, from beginners to fluent speakers, and as such, posts are welcomed in both Gaelic and English. If you're not confident in your level of Gaelic, give it a go anyway!

This is a forum for you and we really value your opinions - if there's something you'd like to see on the forum just let us know and we'll see what we can do!
A' comharrachadh 50 bliadhna de thaic airson litreachas na Gàidhlig / Celebrating 50 years of support for Gaelic literature

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest